Mo bheannachd dhan bhàillidh ùr
’S tu fhèin a choisinn an cliù
Nuair a thàinig e le thrùp
Dh’uaislean o dhùthaich MhicLeòid
Thàine tu led bhàirdse cruinn
Ghabh thu timcheall air Port Rìgh
Thogadh do shaighdearan cìs
Fhad ’s a mhaireadh strì nan dòrn
Mo bheannachd dhan bhàillidh ùr
’S tu fhèin a choisinn an cliù
Nuair a thàinig e le thrùp
Dh’uaislean o dhùthaich MhicLeòid
Is thàine tu led bhàirds’ mun cuairt
Ghabh thu timcheall ’Chinn a Tuath
Is dh’inns thu dhaibh gun gheilt gun ghruaim
Gur e ’n cuan a bha fo sròin
Mo bheannachd dhan bhàillidh ùr
’S tu fhèin a choisinn an cliù
Nuair a thàinig e le thrùp
Dh’uaislean o dhùthaich MhicLeòid
Is ùr a’ chraobh on d’ rinn thu fàs
Na bha fon talamh dhith ’s gu h-àrd
Gun mhosgan am bun no ’m bàrr
Ach an giuthas àlainn òg
Mo bheannachd dhan bhàillidh ùr
’S tu fhèin a choisinn an cliù
Nuair a thàinig e le thrùp
Dh’uaislean o dhùthaich MhicLeòid
Is Dòmhnallaich sibh taobh air thaobh
Làmh dhearg as suaicheantas dhuibh
Long is bradan ’s leòmhann, craobh
Gidheagan is fraoch glas òg
Mo bheannachd dhan bhàillidh ùr
’S tu fhèin a choisinn an cliù
Nuair a thàinig e le thrùp
Dh’uaislean o dhùthaich MhicLeòid